dhna 1799, air dha bhi ann an Caisteal Dhunn-bheagain, 'san Eilean Sgiathanach. Chunnaic e mar an ciadna aig an àm sin "Bratach Shith" Mhic Leòid 'ga toirt air lom as a' chist iaruinn san robh i an tasgadh, air a dùnadh suas ann am bocsa fiodha chùbhraidh, deagh-bholtrach. Bha {15} 'bhratach na mir ceithir-chearnach de shioda luachmhor air fhigheadh le croisean tarsuinn de shnàthuinnibh òir. Tha chuid eile de 'n fhàisneachd ri tighinn, ma thig i idir.
Bheir sinn fainear a nis mar a thainig crioch a bheatha air Coinneach Odhar. Ri linn Righ Tearlach II., an deidh dha bhi air aiseag a chum a' chrùin agus na righ-chathrach, chaidh Iarla Shi-phort, Coinneach, an treas Iarla, air teachdaireachd gu Paris, baile mor na Frainge, agus dh' fhàg e a' Bhan-Iarla aig an taigh ann an Caisteal Bhrathainn. Dh' fhuraich an t-Iarla ùine fhada ann am Paris, agus thòisich a' Bhan-Iarla air gabhail fadail agus iogh-naidh nach robh e a' tighinn dac